Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Margaret Stewart > Fhuair Mi Pog > Ochoin A Righ, Gur Tinn An Galair An Gradh
|
Ochoin A Righ, Gur Tinn An Galair An Gradh |
| Credits : | Traditional; arranged by Margaret Stewart & Allan MacDonald |
| Appears On : | Fhuair Mi Pog |
| Language : | Gàidhlig (Scottish Gaelic) |
| Other Versions : |
"
Am Buachaille Ban
" on Back Of The Moon's album Back Of The Moon
" Am Buachaille Ban " on Capercaillie's album Crosswinds " Am Buachaille Bàn " on Cliar's album Gun Tàmh " Ochòin A Righ Gura Tinn Mo Galar An Gràdh " on Fiona Mackenzie's album Seinn! O Ho Ro Seinn! " Air Fail A Lail O " on Mouth Music's album Mouth Music |
| Lyrics : | English Translation : |
| Ochóin a Righ | Oh woe is me |
| Gur tinn an galair an gràdh | How sore is the sickness of love |
| Chaneil neach air am bi | There is no one who suffers |
| Nach saoil gur bliadhna gach là | That does not feel that each day lasts a year |
| Gun bhris e mo chridh' | My heart is broken |
| 'S gun sgaoil e chuislean mo shlàint' | And sapped the springs of my health |
| Bhith cumha na dhéidh | Lamenting him, after leaving him |
| Bhon thréig mi fear an fhuilt bhàin | The fair young man |
| Sèist : | Chorus (after each verse) : |
| Air fairil a ló | Air fairil a ló |
| Horó, air fairil a lé | Horó, air fairil a lé |
| Air fairil a ló | Air fairil a ló |
| Horó, air fairil a lé | Horó, air fairil a lé |
| Faill-ì faill ó | Faill-ì faill ó |
| Horó, air fairil a lé | Horó, air fairil a lé |
| 'S ochóin a ghaoil | Oh woe is me, my love |
| Gum b'aotrom, aighearach sinn | We were once happy and carefree |
| Nuair théid thu thar sàil | When you are sailing abroad |
| A ghràidh biodh glainne nad dhòrn | Love, have a glass to hand |
| 'S bi 'g òl dheoch slàint' | And drink my good health |
| 'S gach àit 's a suidh thu aig bòrd | In each place where you are seated at table |
| Do chridhe geal éibhinn | Your heart is fair, happy |
| Aotrom, aighearach òg | Light, cheerful and young |
| 'S bu bhinne do bheul | And your mouth is sweeter |
| Na 'n teud bho 'n tigeadh an ceòl | Than any musical strings |
| Nach robh mi 's mo ghràdh | Oh I wish that I and my love |
| Air àiridh, monadh no sliabh | Were on a high shieling or on the braes |
| No air an tràigh bhàin | Or on the white beach |
| No 'n àit' nach robh duine riamh | In a deserted place where no man goes |
| Seachd oidhche, seachd là | Seven nights, seven days |
| Gun tàmh, gun chadal, gun bhiadh | Without rest, without sleep, without food |
| Is tusa bhith ghràidh | Only you, my love |
| 'S do làmh an tarruing mum bhian | With your hands around my middle |
| Do chùl buidhe dualach | It was your fair |
| Cuachach camagach tlàth | Curly, beautiful hair |
| Dh'fhàg mise fo ghruaim | That left me miserable |
| Gu buan gu latha mo bhàis | Forever to the day of my d |
| 'S nan tigeadh tu nuas | And if you were to visit |
| Air chuairt dhan bhaile-sa thàmh | And stay in this town |
| Ged chaochail mo shnuadh | Although the bloom has faded from my complexion |
| Bu dual dhomh rithist bhith slàn | I would be whole once more |